Skip to content
Fèis Week (Gàidhlig)

Seachdain na Fèise

Seachdain na Fèise 2026

28mh – 31mh dhen Iuchar

Dimàirt 28mh – Dihaoine 31mh An t-Iuchar 2024
9:30m – 3.30f
Àrd-sgoil Arainn, Loch an Eilein

‘S e tachartas fad seachdain a th’ anns an fhèis a thèid a chumail air an t-seachdain mu dheireadh dhen Iuchar is a tha fosgailte do chloinn bho aois 8.

Tha Fèis Arainn fosgailte do dhaoine òga bho aois 8 bliadhna. Thar ceithir làithean na fèise bidh cothrom aig com-pàirtichean fheuchainn air diofar ionnsramaidean-ciùil, seinn, dràma, ealain is iomain, no na sgilean a th’ aca mar tha a leasachadh, is aig an aon àm beagan eòlais a chur air canan agus cultur na Gàidhlig.

Bidh buannachd ri fhaighinn do gach duine-cloinne a ghabhas pàirt san Fhèis, ge be a tha eòlas aca air na cuspairean taghta aca gus nach eil is freagraidh an Fhèis air cloinn le sgilean aig gach ìre suas gu ìre coileanta. Chan fheum comas a bhith aig com-pàirtichean air ceòl a leughadh no eòlas a bhith aca ro làimhe air ceòl traidiseanta. Thèid ceòl a theagasg air chluais, earrann mu seach.

Comharraichidh com-pàirtichean na trì cuspairean a tha iad airson a dhèanamh agus aon chuspair a bharrachd air eagal ‘s gum bi clasaichean làn nuair a chlàras iad airson na Fèise. Fritheilidh com-pàirtichean dà chlàs sa phrìomh chuspair aca gach latha agus aon san dà chuspair eile aca. Air an latha mu dheireadh thèid consairt a chumail far am bi cothrom aig a’ chloinn na dh’ionnsaich iad aig bùithtean-obrach a’ phrìomh chuspair aca a thaisbeanadh. Nì sinn ar n-uile dìcheall gus dèanamh cinnteach gum bì cothrom aig clann pàirt a ghabhail sna cuspairean a thagh iad ach, an dràsta agus a-rithist thig oirnn a’ chùl-roghainn aig com-pàirtichean a thabhainn orra a fhreagras ri an aois no an comas.

Aig Fèis Arainn gheibh clann spòrs is misneachd às leasachadh sgilean aig an aon àm sa chuireas iad eòlas air dualchas Gàidhlig ar n-eilein.

Tha ar n-oidean uile nan sàr luchd-ciùil phroifeasanta le eòlas air a bhith ag obair le daoine òga. Tha ar fèis an urra ri buil a’ chomataidh againn cho math ri saor-thoilich a bhios an làthair tron fhèis los gun tèid cùisean mar as còir. Thèid ealla a ghabhail ris a’ chloinn fad na h-ùine. Tha sinn ag obair ann an co-rèir ri riaghailtean dìon cloinn agus slàinte is sàbhailteachd.

NEW FOR 2026: Fèis nan Deugairean • Sgoilearan S1-S6 

28mh – 31mh An t-Iuchar 2026 | 9:30m – 3:30f

Senior Féis offers pupils already receiving regular instrumental tuition the opportunity to develop their skills. This programme is aimed at more experienced players – those who have been receiving regular tuition on their instrument for some time already. The focus of the week will be group music making in a fun and relaxed environment led by our experienced tutors Hamish and Findlay Napier augmented by some of the other Feis tutors.

Gus barrachd fhaighinn a-mach rach gu: Fèis nan Deugairean

2026 Clàradh air Loidhne

Thèid oideachadh a thabhainn sna cur-seachadan a’ leanas:

(Ged a bhios ionnsramaidean againn as urrainn do chòm-pàirtichean a chleachdadh, bu chòir sibh ur n-ionnsramaidean fhèin a thoirt leibh (le ur n-ainm orra) mas urrainn)

Cosgais

Cosgais airson ceithir làithean: £85

Cosgais airson dàrna duine teaghlaich: £75

Cosgais airson treas duine teaghlaich: £65

Cosgais airson ceathramh duine teaghlaich: £55

Feuch an clàr sibh cho luath sa ghabhas gus am faigh sibh na roghainnean as fheàrr le ur cuid cloinne. Feuch an deàn sibh cinnteach gun d’ fhuair sibh dearbhadh puist-d air na clàraidhean agaibh. Cuiribh fios thugainn mur an d’ fhuair.

We would prefer payment to be made in full as it’s more convenient for us however, we completely understand if you’d rather take advantage of our deposit scheme (25% will be taken at the time of booking with the remaining balance due 1 month before the event).

Àitichean làn-maointe

Thèid àireamh bheag de àiteachan maoinichte a ghlèidheadh do chloinn aig a bheil còir air tabhartas aodaich. (Bidh feum againn air dearbhadh).Cuiribh cromag sa bhogsa bhuintineach ma tha sibh airson tagradh a chur a-steach airson an sgeama.

Tha gach àite aig ar fèis air a maoineachadh gu ìre mhòr le taic bho bhuidhnean poblach, agus ‘s e ar n-amas cosgaisean do phàrantan is chùramaichean a chumail cho ìseal sa ghabhas.

FAQs

Timetable

Fèis Week (Gàidhlig)
Freagraidh seiseanan aig Fèis nan Deugairean air cloinn a tha air a bhith a’ frithealadh Pròiseact a’ Chòmhlain Thraidiseanta aig an àrd-sgoil air neo a tha air a bhith a’ cluich ciùil fad 3 bliadhna aig a’ char as lugha.
Gus barrachd fhaighinn a-mach rach gu: Fèis nan Deugairean