Skip to content
Arran Fiddle Club (Gàidhlig)

Club Fìdhle Arainn

Arran Fiddle Club (Gàidhlig)

Tha an fhideall air a bhith na pàirt chudromaich de chultar Arainn fad linntean agus tha Club Fìdhle Arainn a’ neartachadh an dualchais seo le bhith a’ tabhann oideachaidh do dh’òigridh an eilein. Tha an àireamh de chom-pàirtichean air fàs gu mòr on a thòisich sinn bho chionn còig bliadhna deug, le mu 45 clann a’ tighinn thugainn a-nis airson teagaisg, a’ riochdachadh mu 10% de chloinn a th’ air an eilean air fad.

Thaclub na fìdhlea-nis aig cridhe prògram Fèis Arainn, le maoineachadh bho Fèisean nan Gàidheal, is e a’ lìbhrigeadh oideachaidh fad na bliadhna a chuireas gu mòr ris na tha com-pàirtichean ag ionnsachadh aig an fhèis bhliadhnail againn. A bharrachd air clasaichean gach seachdain tro theirm na sgoile, tha sinn cuideachd a’ toirt chothroman do chloinn pàirt a ghabhail ann an tachartasan eile leithid chùrsaichean-còmhnaidh, cuairtean agus taisbeanaidhean ciùil. Tha na cothroman seo cudromach ann a bhith a’ tabhann an ionnsachaidh as fheàrr dhaibh agus gus am brosnachadh a chumail orra le ceòl. Tha daoine òga a-nis a’ gabhail pàirt anns na clasaichean againn aig gach aois is comas, bho chloinn aois bun-sgoile gu òighrigh a bhios a’ cluichair an àrd-ùrlar aig tachartasan air agus far an eilein.

‘S e a’ phrìomh amas againn saoghal gach com-pàirtiche a bheartachadh tro bhith gabhail pàirt anns na tachartasan againn. Ged a tha sinn ag amas air cothroman a chruthachadh dhaibh gus na sgilean is na tàlantan aca a leasachadh agus a thoirt gu buil, tha sinn cuideachd airson ’s gun tog a’ chlann ùidh ann an agus meas air ceòl agus dualchas beartach na h-Alba, agus gum bi ceòl na phàirt thlachdmhor, shòisealta dhem beatha.

Cùmaibh sùil air na tha Club Fìdhle Arainn ris air Facebook.

Arran Fiddle Club (Gàidhlig)
Arran Fiddle Club (Gàidhlig)
Arran Fiddle Club (Gàidhlig)