Le taic bho Fèisean Nan Gàidheal is Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath tha ar Fèis air a dhol bho neart gu neart bhon uairsin le deagh chuibhreann den chloinn a thilleas dhan fhèis a h-uile blaidhna. Tha grunn chom-phàirteachan air togail air an eòlas a fhuair iad aig an fhèis gus a dhol air adhart gu raointean eile leithid a bhith a’ cluich do chòmhlain-pìoba is fìdhle, a’ cruthachadh chòmhlain dhaibh fhèin, a’ frithealadh Sabhal Mòr Ostaig no Conservatoire Rìoghail na h-Alba.