
Sgoil-feasgair
DIMÀIRT 25mh – DIHAOINE 28mh AN T-IUCHAIR 2023
‘S e cothrom a th’ ann an Sgoil-feasgair do chloinn a bhios a’ frithealadh chlasaichean gu cunbhalach is aig a bheil comasan aig ìre choileanta mar-tha a bith a’ faighinn oideachadh aig àrd ìre sa chuspair thaghta aca.
Freagraidh seiseanan aig Sgoil-feasgair air cloinn a tha air a bhith a’ frithealadh Pròiseact a’ Chòmhlain Thraidiseanta aig an àrd-sgoil air neo a tha air a bhith a’ cluich ciùil fad 3 bliadhna aig a’ char as lugha. Thèid cuireadh a thoirt do na com-pàirtichean pàirt a ghabhail, nan aonar no mar phàirt de chòmhlan, ann an Consairt-taisbeanaidh na Fèise air feasgar Dihaoine.
Cosgais: £30 airson ceithir seiseanan.
Bidh seiseanan air an cumail eadar 1.25f agus 3.45f.