Skip to content
Logo

Eachdraidh na Fèise

Eachdraidh aithgheàrr


Ghabh a’ chiad fhèis ann an Arainn àite anns an Ògmhìos 1993 nuair a chaidh seachdain de chur-seachadan a thabhainn san àrd-sgoil an dà chuid do cloinn aig aois àrd-sgoile is bun-sgoile. Chuireadh an darna fèis againn air dòigh ann an 1997 gus an 50mh ceann-bliadhna dhen àrd-sgoil a chomharrachadh. An ath-bhliadhna chaidh comataidh ùr a chur air bhonn leis an amas Fèis bhliadhnail a chumail rè saor-làithean samhraidh na sgoile.
Ghabh barrachd is 60 clann-sgoile pàirt anns a’ chiad tè dhiubh sin ann an 1999.

Le taic bho Fèisean Nan Gàidheal is Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath tha ar Fèis air a dhol bho neart gu neart bhon uairsin le deagh chuibhreann den chloinn a thilleas dhan fhèis a h-uile blaidhna. Tha grunn chom-phàirteachan air togail air an eòlas a fhuair iad aig an fhèis gus a dhol air adhart gu raointean eile leithid a bhith a’ cluich do chòmhlain-pìoba is fìdhle, a’ cruitheachadh chòmhlain dhaibh fhèin, a’ frithealadh Sabhal Mòr Ostaig no Conservatoire Rìoghail na h-Alba.

FW 35
FW 74
FW 24