SEACHDAIN NA FÈISE 2019: IUCHAR 23 – 26MH
‘S e tachartas fad seachdain a th’ anns an fhèis a thèid a chumail air an t-seachdain mu dheireadh dhen Iuchar is a tha fosgailte do chloinn bho aois 8.
Gheibh clann an cothrom an cuid sgileanan a leasachadh ann an ceòl ionnsramaideach, seinn, dràma, is cànan. San àbhaist bidh mu 60 clann a’ gabhail pàirt san fhèis againn.
Cuiridh sinn fàilte air clann aig a h-uile ìre comais bhon fheadhainn gun eòlas ro-làimh air a’ chuspair a roighnicheas iad dhan fheadhainn a tha air a bhith an sàs ann an ionnsachadh fad grunn bhliadhnaichean is a tha aig àrd-ìre mar-tha. Gheibh iad uile buannachd bhon fhèis. Chan fheum com-pàirteachan a bhith comasach air ceòl sgrìobhte a leughadh no eòlas a bhith aca air ceòl traidiseanta gus toileachas fhaighinn às an fhèis. Thèid ceòl ionnsachadh air chluas, earrann mu seach.
Tha spòrs is càirdeas aig cridhe ar fèise. ‘S e ar n-amas gum fàg a h-uile duine-cloinne a ghabhas pàirt innte le deagh chùimhneachain, leis a’ mhisneachd is na comasan aca air an togail is le blas air dualchas is cànan an eilein don bhuin iad; agus gu dearbh gun tig iad air ais an ath-bhliadhna.
*Tha na h-oidean a dh’fhastaicheas sinn uile nan neach-ciùil proifeasanta le mòr-eòlas air teagasg cloinne. Tha soirbheachas ar fèise gu mòr an eisimeil air an obair chruaidh a tha air a gabhail os làimh leis a’ Chomataidh againn is an fheadhainn a dh’obraicheas dhuinn gu saor-thoileach. Bidh a’ chlann fo stùireadh fad na h-ùine aig ar tachartasan a bhios air an ruith ann an co-rèir le riaghailtean dìon-chloinne agus slàinte is sàbhailteachd.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh brath thugainn tron fhoirm gu h-ìosal, air neo cuiribh fòn gu ball comataidh air fear dhe na h-àireamhan gu h-ìosal.
- Maggie Frame – 01770302623
- Al Paul – 01770 302881



2019 Clàradh air Loidhne
Thèid oideachadh a thabhainn sna cur-seachadan a’ leanas:
(Ged a bhios ionnsramaidean againn as urrainn do chòm-pàirtichean a chleachdadh, bu chòir sibh ur n-ionnsramaidean fhèin a thoirt leibh (le ur n-ainm orra) mas urrainn)
Bu chòir dha com-pàirtichean 3 roghainnean a dhèanamh airson clasaichean.
Cluichidh com-pàirtichean sa chuirm-ciùil air a’ 1d roghainn aca a-mhàin. Bidh 2 bhùth-obrach ann gach latha airson a’ 1d roghainn.
Feumar clas a bharrachd a thaghadh air eagal ‘s nach fhaighear na trì roghainnean.
Innse dhuinn (sa phàirt mu chomas-cluiche) an ìre aig a bheil thu air an ionnsramaid airson gach roghainn a nì thu m.e.
B Beginner (cha do chluich thu an ionnsramaid seo a-riamh)
E Elementary (comasach fonn a chluich/air leasan prìobhaideach no dhà fhaighinn)
I Intermediate (comasach corra fuinn a chluich/a’ faighinn oideachadh gu cunbhalach)
A Advanced (eòlas math air iomadh fonn/math air ionnsachadh tro èisteachd no leughadh ceòl)
Clàradh
1d pàiste: £60
Clann a bharrachd: £35
Please register promptly to ensure the classes of your choice.
Payment in full or a deposit can be made through our website.
Either full payment or a deposit of 25% must be paid along with completion of registration form. If using our deposit payment plan, full payment must be made 1 month after the initial deposit is received.